1 cha b' e sneachda 's an reòthadh bho thuath, Cha b' e 'n crannadh fuar bho 'n ear, Cha b 'e 'n uisge 's an gailleon bho 'n iar, Ach an galair a bhlean bho 'n deas Blàth, duilleach, stoc, agus freumh Canan mo threubh 's mo shluaidh.
Séist: thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nam féinn, Thig thugainn, thig co-rium gu siar Gus an cluinn sinn ann canan nan gaidheal.
2 far a nuas dhuinn na coinnleirean òir 's annt' caraibh coinlean geal ceir Lasaibh suas iad an seòmair bhroin Tìgh-'aire seann chanan a' ghae'l 's sud o chionn fhad' thuirt a namh Ach fhathast tha beò canan a' ghae'l.
3 's iomadh gille thug greis air a' chuibhl' 's an du-oidhch' thog fonn gàidhlig a chridh 's iomadh gaisgeach a bhrosnaich 'sa bhlair Gu euchd nuair bu teòtha bha 'n strì O ghaidheil, o caite 'n deach t' uaill 'nad fhine 's 'nad chanan 's do thir.?
4 uair chite fear-feilidh 'sa ghleann Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt Ach spion iad a fhreumh as an fhonn 'n aite gàidhlig tha canan a ghoill 's a ghaidhealtachd creadhal-nan-sonn 's tir mhajors is cholonels 'n diugh th' innt'.
5 o chanan ta leath ri mo chridh M' aran m' amhlan is m' anal 's mo smior 's tu cho aosd ri fraoch-dosradh nam frith Shloinneadh og leat beinn, leitear is sgur Ghaidheil, 'gad easbhuidh, 's 'gad dhith 's clarsach aon-theud, is cuislean gun fhuil.
6 ged theich i le beath' as na glinn Ged 's gann an diugh chluinntear i nis mo O dhuthaich mhicaoidh fada tuath Gu ruig thu druim-uachdar nam bo Gigheal, dhi na eileanan siar Bi na claimheamh 's na sgiath'n ud dhoirn.
7 ged nach chluinntear nis mo i 'san dun No 'n talla-nan-cliar is nan còirn Ged tha meòir chloinn'iccreumein gun luths O 'n tric feasgair ciuin dhoirteadh ceòl Gigheadh, anns na eileanan-siar 's i fhathast ann ciad chainnt an t-sloigh.
8 tha na suinn le 'm bu bhinne bha t' fhuaim 'nad linn thir nam fuarbeannaibh ard Aig an druim anns na uaidhean nan suain Suas air eirigh mo thruaigh tha nan àit Eadhon siar ann an duthaich-mhicleoid Linn og oirt a ghàidhlig rinn tair.