Thig trì nithean gun iarraidh An t-eagal, an t-eudach, 's an gaol 'S gur beag a' chùis mhasluidh Ged ghlacadh leo mis' air a h-aon 'S a liuthad bean uasal A fhuaradh 'sa chiont an robh mi A thug a gaol fuadain Air ro bheagan duaise 'ga cheann
Air faillirinn, illirinn Uillirinn ho ro 's mi caoidh 'S cruaidh fhortan gun fhios A chur mise fo chuing do ghaoil
Fhir a dhìreas am bealach Beir soiridh don ghleannan fo thuath Is innis do m'leannan Gur maireann mo ghaol 's gur buan Fear eile cha ghabh mi 'S chan fhuiling mi idir a luaidh Gus an dean thu, ghaoil, m'à icheadh Cha chreid mi o chà ch gur fuath