A' chlach a bha mo sheanmhair 'S mo sheanair oirre seanchas Air tilleadh mar a dh'fhalbh I Mo ghalghad a' chlach 'S gur coma leam I 'n cearrara An calasraid no 'n calbhaigh Cho fad' 's a tha I 'n albainn Nan garbhlaichean cas
'S I u ro bha ho ro hilli um bo ha Hilli um bo ruaig thu I hilli um bo ha 'S I u ro bha ho ro hilli um bo ha
Ga cur an àite tearmainn A chumas I gu falachaidh 'S nach urrainn iad, nach dearg iad Air sgealb dhith thoirt às A' chlach a chaidh a dhìth oirnn Air faighinn às an ìnean 'S gu deimhinne, ma thill I Tha 'n nì sin gu math
Mionnan air fear deàrnaidh Gach màthair is mac Nach leig sinn ann an gàbhadh Am fear a thug à sàs I 'S a mhiontraig air a teàrnadh À àite gum tlachd Ma chuireas iad an làmh air Chan fhuilear dhuinn bhith làidir Is buill' thoirt air a thàillibh Le stàilinn amach
'S bha 'm ministear cho tùrsach Sa mhadainn nuair a dhùisg e 'S praban air a shùilean A' tionndadh amach E coiseachd feadh an ùrlair Ag ochanaich 's ag ùrnaigh 'S a' coimhead air a' chùil Anns an d' ionndrainn e chlach
Sin far robh an stàireachd 'S an ruith air feadh an làir ann Gun smid aige ri ràidhtinn Ach "càit 'n deach a' chlach? 'S a mhoire, mhoire, mhàthair
Tha fios a'm gum bi bhànrainn A' fàgail a beachd"
Gun tuirt e 's dath a' bhàis air "Cha chreidinn-sa gu bràth e Gu togadh fear bho làr I Nach b' àirde na speach Tha rudeigin an dàn dhomh 'S gun cuidicheadh an tàgh mi Bha' n duine thug à sàs I Cho làidir ri each"